RockNess ga gluasad?

Dh'fhaodadh gun tèid fèis chiùil RockNess a chumail nas fhaide den t-Samhradh, feuch nach bi i a' farpais ri tachartasan mòra eile leithid Cupa na Cruinne agus Geamaichean a' Cho-Fhlaitheis.

'S ann san Òg-Mhìos as àbhaist dhan fhèis a bhith air a cumail, ann an Durais, air Loch Nis.

Thèid Cupa na Cruinne a chumail ann am Braisil eadar 12na an t-Òg-Mhìos agus 13mh an t-Iuchair, le Geamaichean a' Cho-Fhlaitheis ann an Glaschu eadar 23mh an t-Iuchair agus 3mh an Lùnastail.

Thuirt labhraiche don fheahdainn a bhios a' ruith na fèise ciùil: "Tha sinn ag obair air planaichean airson RockNess, agus thèid dearbhadh fhoillseachadh a dh'aithghearr."

Am measg na nochd aig an fhèis an-uiridh, bha The Vaccines, Plan B, agus Madness.

Tha leithid Daft Punk - a fhuair còig duaisean aig na Grammies am-bliadhna - cuideachd air cluich aig an fhèis, 's iad a' nochdadh ann an 2007.