Leasachadh Stafainn "leis a' choimhearsnachd air a' cheann thall"

Cidhe Stafainn
Image caption Bidh co-dhiù dà bhliadhna eile ann mus tòisich an obair.

Tha a' chompanaidh a th' air cùl phlanaichean gus ionad-giollachd èisg a thogail, a thuilleadh air leasachaidhean mòra eile, aig cidhe Stafainn san Eilean Sgitheanach ag ràdh gum faod an gnìomhachas a bhith fo shealbh na coimhearsnachd aig a' cheann thall.

Tha Sky Sea Harvest misneachail gum bi obair ann do co-dhiù 50 duine.

Chum iad là fosgailte ann an Stafainn Disathairne airson na tha san amharc aca a mhìneachadh dhan phoball, le còrr agus 80 duine a' nochdadh.

A thuilleadh air cosnaidhean a chruthachadh san sgìre, tha tairgse eile, nas annasaiche, ga chur air beulaibh muinntir na sgìre.

Tha a' chompanaidh airson 's gum bi an gnìomhachas ann an làmhan na coimhearsnachd an ceann ùine, stèidhichte air modal à Nirribhidh.

"Tha sinn an dòchas gum bi na togalaichean a bhios sinn a' cleachdadh, gum bi iad leis a' choimhearsnachd," thuirt Alasdair MacFionnghuin, a th' air a bhith ag obair leis a' chompanaidh mar eòlaiche ionmhais.

"Tha sinn airson 's gum bi a' choimhearsnachd nan luchd-earrainn sa chompanaidh cuideachd.

"Tha sinn an dòchas, an ceann còig bliadhna deug, gum bi a' chompanaidh ann an làmhan na coimhearsnachd," thuirt e.

Aig an ìre seo, thathas a' tomhas gun cosg am pròiseact suas ri £6m.

Ma shoirbhicheas leis an luchd-leasachaidh, bidh co-dhiù dà bhliadhna eile ann mus tòisich an obair.