Tachartas 'Leugh Le'
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

'Leugh Le' Catrìona Leacsaidh agus sgoilearan Gàidhlig

24 Am Faoilleach 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha greis ann bhon a thòisich an sgeama 'Authors Live' far am bi ùghdaran a' dol a-steach gu sgoiltean agus a' leughadh sgeulachdan a tha gan craoladh beò air an eadar-lì.

Airson a' chiad uair Diardaoin chaidh an sgeama sin eadar-theangachadh gu Gàidhlig - leis an ùghdar, Catrìona Leacsaidh Chaimbeal, a' coinneachadh ri cloinn-sgoile bho Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu fon phròiseact 'Leugh Le'.

Chaidh na seanachasan aice a chraoladh gu faisg air 20 sgoil air feadh na h-Alba.