22 gearainnean mu chrainn-ghaoithe an Uibhist a Tuath

Fhuair Comhairle nan Eilean Siar 22 gearain an aghaidh iarrtais chead-dealbhachaidh airson trì crainn-gaoithe air aon chroit ann an Uibhist a Tuath.

Gheibheadh an croitear an dealan aige, ach chan eil dùil gum bhiodh buannachd sam bith ann dhan choimhearsnachd san fharsaingeachd.

Chaidh an t-iarrtas a chur a-steach an-uiridh, airson na croite ann am Malacleit, ann an sgìre Sholais.

Tha na gearainnean a' togail air milleadh bòidhchead na sgìre, cron air eunlaith, gum biodh na crainn faisg air taighean cuid de dhaoine, agus nach eil buannachd sam bith ann don choimhearsnachd.

Tha aon de na gearainnean air tighinn bho Chomhairle Coimhearsnachd Uibhist a Tuath, ach tha fichead eile air tighinn bho mhuinntir na sgìre.

Thèid an t-iarrtas mu choinneimh comataidh dealbhachaidh na Comhairle air an ath-mhìos.