Comhairle a' faighinn chosgaisean laghail
Thàinig Riaghaltas na h-Alba agus Comhairle nan Eilean Siar gu aonta mu chosgaisean laghail a bha an cois eas-aonta mu dhùnadh sgoiltean anns na h-Eileanan an Iar.
Dh'fheuch an Riaghaltas ri stad a chur air a' Chomhairle bho bhith a' dùnadh sgoiltean ann an Siabost, Càrlabhagh agus Seilebost.
Gheibh a' Comhairle £72,000.
Dh'adhbhraich co-dhunadh na Comairle na sgoiltean a dhùnadh connspaid agus aimhreit airson iomadach bliadhna.
Mu dheireadh ann an Gearran na bliadhna an-uiridh chaill Riaghaltas na h-Alba an ath-thagradh aca an aghaidh sgrùdaidh laghail a sheall gun robh na rinn Comhairle nan Eilean Siar iomchaidh.