Bhòt air Oighreachd Chàrlabhaigh

Thèid bhòtadh an ath-sheachdain air a bheil na daoine a tha a' fuireach air Oighreachd Chàrlabhaigh ann an Leòdhas ag iarraidh a dhol air adhart le iomairt airson an talamh a cheannach dhan choimhearsnachd.

Tha Urras Oighreachd Chàrlabhaigh airson beachd fhaighinn am biodh ùidh aig daoine an talamh, agus còirichean spòrs agus creige air an oighreachd, a chur fo smachd na coimhearsnachd.

Thèid na bhòtaichean a chunntadh gu poblach ann am Breascleit oidhche Luain, an 24mh den ath-mhìos.

'S iad Comhairle nan Eilean Siar a th' air cùlaibh na bhòta.

Tuilleadh air an sgeulachd seo