Sgiobaidhean Gàidhealach ann an sunnd

Williams is Tansey. Image copyright SNS
Image caption Danny Williams is Greg Tansey aig deireadh a' gheama aig Pittodrie Disathairne.

Shreap na sgiobaidhean Gàidhealach suas Prìomh Lìog na h-Alba is an dà sgioba a' buannachadh aig an deireadh-sheachdain.

Rinn tadhal bho Danny Williams an gnothach do Chaley Thistle air Obar Dheathain aig Pittodrie.

B' e slaic chumhachdach a bh' ann bho Williams às dèidh 22 mhionaid, is ged a bha gu leòr den bhall aig na Dons, dh'fhaillich orra mòran chothroman a chruthachadh.

Thàinig Willo Flood faisg le oidhirp bho thaobh a-muigh a' bhocsa is Dean Brill le sàbhaladh air leth 'son am ball a chur a-mach 'son breab-oisne.

Goirid às dèidh sin, bha deagh chothrom do Chaley Thistle is Graeme Shinnie a' bualadh a' phuist.

1-0 aig a' cheann thall is sgioba Iain Hughes a' buannachadh 'son a' chiad turais ann an sia geamaichean is iad suas dhan 3mh àite.

County

Bha deagh là eile do Ross County ann an Inbhir Pheofharain is iad a' glèidheadh 3-0 an aghaidh Dundee Utd aig Pàirc Bhictoria.

Tha County fhathast gun chall ann an 2014 agus a-rithist rinn cluicheadairean ùra diofar mòr do sgioba Derek Adams.

Tha Filip Kiss gu sònraichte air feum a dhèanamh bho thàinig e air iasad bho Chardiff is bha an Slobhagianach aig teis meadhan a' ghnothaich Disathairne.

Chuir Kiss County air thoiseach le a cheann dìreach ro leathach-ùine.

Dh'obraich dithis eile de na bhalaich ùra còmhla an uair sin 'son tadhal eile a chruthachadh, Jordan Slew le ball do Yoann Arquin a chuir dhan lìon e, is tadhal aige anns a' chiad gheama aige do Chounty.

Chuir Kiss crìoch air a' ghnothach le oidhirp eireachdail bho 30 slat.

County suas dhan 10mh àite is iad dìreach dà phuing air deireadh air St.Mirren san 8mh àite.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile