Plana sàbhailteachd "'s dòcha air bàs a sheachnadh"

Iain MacFhionnghuin Image copyright Other
Image caption Bhàsaich Mgr MacFhionnghuin air làrach na tubaiste.

Thuirt Siorram gur dòcha gum biodh fear-bathair Sgitheanach beò an-diugh nam biodh an fheadhainn a bh' air fhastadh air barrachd aire a thoirt do a bhith a' cruthachadh plana sàbhailteachd.

Ach cho-dhùin an Siorram Mairead Neilson nach biodh an tubaist san do chaill Iain MacFhionnghuin a bheatha air tachairt idir mur a biodh e air an làraidh aige a ghluasad fhad 's a bha a crann fhathast aig àirde.

Thuirt i cuideachd gun robh rabhaidhean ceart mu na càbail air cuideachadh.

Chaochail Mgr MacFhionnghuin, a bha 65, san Dùbhlachd 2011 nuair a bhuail crann na làraidh san robh e ann an càbal dealain fhad 's a bha e a' giùlain fiodha bho choille a bhuinneas do Choimisean na Coilltearachd.

B' ann leis a bha a' chompanaidh Skye Transport.

Thuirt an Siorram gum bu chòir gun robh solas rabhaidh ann an cab an t-seòrsa làraidh a bh' ann, a dh'innseadh gun robh an crann aig àirde.