Muileann am beachd beairtean a chur a-mach air màl

Suaicheantas a' Chlò Mhòir am broinn seacaid
Image caption Tha Muileann Shiaboist air naoi beairtean ùra a cheannach, a chuireas iad a-mach air màl gu breabadairean a th' air ùr-thighinn don ghnìomhachas.

Tha Muileann Chlò Shiaboist ann an Leòdhas am beachd beairtean a chur a-mach air màl do bhreabadairean, ann an oidhirp cuideachadh le gainnead bheairtean agus cho daor 's a tha iad rin ceannach.

Tha iad cuideachd an dòchas na margaidhean aca ann an dùthchannan na h-àirde an ear a leasachadh, le leudachadh mun chòigeamh cuid a' tighinn air na tha an gnìomhachas a' reic de chlò.

O chionn beagan sheachdainnean, dh'innis a' mhuileann as motha a tha a' dèanamh Clò Mòr ann an Leòdhas agus na Hearadh gu bheil dùil aca ri bliadhna shoirbheachail.

Thuirt Clò Mòr Innse Gall gun robh na h-òrdain aca aig deireadh na bliadhna an-uiridh suas 25% an coimeas ris an aon àm a' bhòn-uiridh.

Dòchasach

A rèir coltais, tha seo fìor thar a' ghnìomhachais air fad - tha Muileann MhicCoinnich a' cur a-mach suas ri 50 clò san t-seachdain agus tha Muileann Chàrlabhaigh cuideachd air a bhith trang.

Tha margaidh Bhreatainn - margaidh a bha aig àm gu math ìosal - air èirigh bho timcheall air 10% de na h-òrdain a thathas a' cur a-mach gu 36%.

Mar sin, le cùisean a' coimhead nas dòchasaiche, tha Muileann Shiaboist air naoi beairtean às ùr a cheannach, a chuireas iad a-mach air màl gu breabadairean a th' air ùr-thighinn don ghnìomhachas.

Image caption Chaidh mu 30 breabadairean ùra a thrèanadh thairis air na trì bliadhnaichean a chaidh seachad, 's tha coltas gu bheil e glè dhuilich dhaibh beairtean a lorg.

Tha Muileann MhicCoinnich mar-thà air beairtean a chur a-mach air màl.

Chaidh mu 30 breabadairean ùra a thrèanadh thairis air na trì bliadhnaichean a chaidh seachad, 's tha coltas gu bheil e glè dhuilich dhaibh beairtean a lorg.

Cosgais

Le beairt ùr a' cosg mu £15,000, às aonais VAT, tha eagal cuideachd gum faodadh a' chosgais sin casg a chur air breabadairean a tha a' feuchainn ri tòiseachadh sa ghnìomhachas.

Thuirt Muileann Shiaboist gun cuir iadsan beairtean a-mach air màl aig £100 sa mhìos, 's gun tig an t-airgead sin a-mach às a' phàigheadh a tha na breabadairean a' faighinn airson a bhith a' fighe nan clòithtean.

Tha a' mhuileann mar-thà trang, agus tha iad an dùil òrdain eile fhaighinn sa mhìos a tha romhainn.

Bha riochdairean bhon chompanaidh aig fèill anns an Eadailt o chionn ghoirid, agus thathar an dùil a dhol gu fèill ann am Paris, a bhios a' reic àirneis-taighe, ro dheireadh na mìos.

A thuilleadh air an sin, thathas a' feuchainn ri margaidh ùr fhosgladh ann an Sìona.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile