Dragh mu aiseag ùr Ratharsair

An MV Hallaig
Image caption Tha an t-aiseag ùr a' ruith air an dà chuid diesel agus bataraidh.

Tha muinntir Ratharsair a' sireadh coinneimh le Caledonian Mac a' Bhriuthainn 's dragh orra mu aiseag ùr an eilein.

'S e an MV Hallaig tè dhen na ciad aiseagan air an t-saoghal a tha a' ruith air an dà chuid cumhachd bataraidh agus diesel.

Thòisich i air an t-slighe gu coimearsalta beagan sheachdainean ron Nollaig, às dèidh mar a chuir trioblaidean teicnigeach maille oirre.

Tha dragh air muinntir an eilein ge-tà mu cho tric 's a tha i air a bhith dheth bhon uair sin - 's ceist orra an e trioblaidean leis an teicneòlas neo an droch shìde a bh' ann bho chionn ghoirid bu choireach.

Thàinig air clann-sgoile an oidhche a chur seachad anns an Eilean Sgitheanach uair, air sgàth 's mar a chaidh an t-aiseag a chur dheth.

Coltach ri grunn aiseagan eile, bha aig an MV Hallaig ri seòladh air Là na Nollaige airson daoine 's bathar a thoirt a-null 's a-nall.

Coinneamh

Tha Comhairle Coimhearsnachd Ratharsair a-nis ag iarraidh coinneachadh ri CalMac airson mìneachadh fhaighinn air an t-suidheachadh.

Thuirt tè a th' air a bhith a' cleachdadh an aiseig airson siubhail air ais 's air adhart gu a h-obair fad còrr is fichead bliadhna gur e ceum air ais a bh' anns an t-seirbheis ùir agus nach robh misneachd aig daoine innte idir.

Tha dùil ri beachd bho ChalMac air suidheachadh an aiseig Diardaoin.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile