Dragh mu thuiltean an Uibhist a Deas

Loch Bì Image copyright Undiscovered Scotland
Image caption Thuit 40 òirleach de dh'uisge an Uibhist a Deas san Dùbhachd.

Tha trioblaid leis na geataichean air Loch Bì ann an Uibhist a' fagail an uisge cho àrd anns an loch sin agus lochannan eile a tha ceangailte ris 's gu bheil co-dhiù dà thaigh anns an Iochdar ann an cunnart bho thuiltean.

A rèir stèisean aimsir phrìobhaidich an Uibhist a Deas, thuit mu 40 òirleach de dh'uisge san sgìre anns an Dùbhlachd - ceithir òirlich ann an aon là.

Tha gach loch san eilean loma-làn.

"Aig an àirde aig a bheil e an-dràsta, tha e air an gàradh agam a chur fodha," thuirt Ruairidh MacIain.

Geataichean

"Tha e a' fàs gu math eagallach, gum faodadh e tighinn nas àirde 's tighinn a-steach dhan taigh.

"Bhithinn daonnan ag ràdh nach e droch nàbaidh a bh' anns an loch idir. Ach tha eagal orm am bliadhna gu bheil e air fàs gu math dàna.

"Ach mur a tèid sìan a dhèanamh leis an drèanadh tha mi a' smaointinn 's ann nas miosa a bhios gnothaichean a' fàs," thuirt e.

Chan eil Mgr MacIain na aonar.

A dh'aindeoin 's gu bheil Mick Norton air obair a dhèanamh airson an taigh aige fhèin a dhìon bho thuiltean, tha an loch gu math faisg air a stàirsnich-se cuideachd.

"Tha sinn an seo 31 bhliadhna a-nis, agus a h-uile bliadhna, sa Gheamhradh, thig an t-uisge suas, agus uaireanan bidh e beagan nas àirde na bliadhnaichean eile.

"'S e seo an dàrna turas a tha e air a bhith sa ghàradh mar seo, agus tha seo 's dòcha trì òirlich nas àirde na an turas mu dheireadh, 2006," thuirt e.

Tha geata eadar Loch Bì agus an Cuan Siar aig a' Chlachan Mhòr, a bu chòir a bhith a' leigeil leis an loch falmhachadh, agus a' cumail an làin a-mach aig an aon àm.

Tha an leithid eile aig Ceann an Tairbeirt, eadar Loch Bì agus an Cuan Sgìth.

'S ann aig Stòras Uibhist a tha an dleastanas an geata aig Ceann an Tairbeirt a chumail ann an deagh òrdugh.

"Mar as trice tha e ag obair math gu leòr," thuirt Seonaidh Mac a' Mhaoilein, Cathraiche Stòras Uibhist.

"Rinn sinn obair ann an 2007, ach cha deach obair a dhèanamh air ùine mhòr roimhe sin.

"Agus tha sinn am beachd, anns a' bhliadhna seo fhèin, tuilleadh obrach a dhèanamh air.

"Tha sinn air iarraidh air einnsinìr sùil a thoirt air, agus tachraidh sin air an ath-sheachdain no an ceann cola-deug.

"Chì sinn dè chanas esan. Co-dhiù 's e an geata a th' ann a chàradh, no fear ùr a chur ann. Chì sinn dè chanas e," thuirt e.

'S ann le Comhairle nan Eilean Siar a tha dleastanas a' gheata aig a' Chlachan Mhòr.

Tha cuid den bheachd gu bheil gluasad na gainmhich ri linn a' chabhsair a' cur bacadh air an uisge a' faighinn air falbh an sin.

Thuirt labhraiche don Chomhairle gu bheil iad mothachail air an t-suidheachadh, gu behil iad a' creidsinn gur e an t-uisge trom agus àirde na mara ri linn a' bhriuthaidh ìsle a th' air a bhith ann o chionn ghoirid as coireach.

Thuirt iad cuideachd gun do sheall sgrùdadh air an Fhadhal a Deas gu bheil a' ghainmheach air a bhith a' cruinneachadh anns an sgìre deas air Eilean a' Ghualain bho chionn 25 bliadhna.

Tha iad cuideachd a' cumail sùil air an t-suidheachadh.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile