Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

10 Am Faoilleach 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

"Plebgate"

Dh'aidich an t-oifigear poilis a bh' aig meadhan na connspaid ris an canar "plebgate" gun robh e ri dol a-mach mì-choltach ann an dreuchd phoblach. Bha Keith Wallis, a tha 53, mu choinneimh cùirt an Old Bailey. Bidh e a-nis a' fàgail Feachd Poilis a' Mhetropolitan. Thuirt Wallis gum faca esan Anndra Mitchell, a bha na Àrd Chuip Tòraidh, ag argamaid ri oifigearan poilis aig Sràid Downing. Dh'fhàg Mgr Mitchell a dhreuchd ri linn na connspaid a bh' ann an dèidh sin. Thèid binn air Wallis air an ath mhìos, an dèidh rannsachadh psychiatric.

In-imrich

Thuirt Leas-Cheann-Suidhe a' Choimisein Eòrpaich, Viviane Reding, à Luxembourg, gu bheil Riaghaltas Bhreatainn a' cur an eagail air daoine mu in-imreachd. Thuirt i gu bheil Tòraidhean gu h-àraidh a' toirt a chreidsinn gu bheil daoine à dùthchannan eile a' taomadh a-staigh a Bhreatainn, mar dhòigh air aire an t-sluaigh a tharraing bho thrioblaidean eile na dùthcha. Thuirt fear-labhairt Tòraidh nach eil brìgh sam bith anns na briathran sin.

Am Posta Rìoghail

Tha na Làbaraich ag ràdh gun do rinn an Riaghaltas 'butarrais' de reic Royal Mail, agus gun do chaill luchd-pàighidh na cìse na milleanan mòra leis gun deach na h-earrainnean a reic ro shaor. Thuirt Rùnaire a' Ghnothachais, Vince Cable, nuair a chaidh na h-earrainnean a reic san Dàmhair air £3.30, gum bu chòir tomhas a dhèanamh eadar trì mìosan agus sia mìosan. Tha na h-earrainnean a-nis aig £5.60 air a' mhargaidh.

Uisge-beatha

Thèid sgeama ùr a stèidheachadh airson gnìomhachas an uisge-bheatha ann an Alba a dhìon bho uisge-beatha fuadain. Tha Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte air cùlaibh na sgeama, fom feum companaidhean a tha a' dèanamh uisge-beatha pàirt a ghabhail san sgeama mas fhaod iad an stuth a reic air taobh a-staigh an Aonaidh Eòrpaich.

Fearann Fiadhaich

Tha Coimisean na Croitearachd am measg na tha mì-thoilichte mu mholaidhean SNH airson tuilleadh 'fearann fiadhaich' a stèidheachadh air a' Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan. Agus tha gearain ann an Uibhist nach d' fhuair muinntir an eilein cothrom beachdan a thoirt seachad air na dh'fhaodadh sin a bhith a' ciallachadh dhaibhsan. Agus tha an Comhairliche Raghnall MacFhionghain a' cumail a-mach nach robh guth air Uibhist anns a' bheachd a chur Comhairle nan Eilean Siar gu SNH air a' chùis.

Bile

Tillidh am bile mu referendum air àite Bhreatainn anns an Aonadh Eòrpach gu Taigh nam Morairean an-diugh. Chaidh am bile tro Thaigh nan Cumantan gun dàil, ach tha e coltach gum feuch Morairean Làbarach, Lib-Deamach agus Tòraidh, a tha air taobh na h-Eòrpa, ri atharrachadh a thoirt air a' bhile gus nach bidh ùine gu leòr ann airson a chur troimhe.