Ionad Gaeilge ùr am Béal Feirste

Suaicheantas Turas
Image caption 'S e Pròstanaich a th' ann an 90% den luchd-ionnsachaidh.

Tha ionad Gaeilge ùr a' fosgladh gu h-oifigeil air taobh sear Bhéal Feirste, seach gu bheil an t-iarrtas air leasanan sa chànan air èirigh cho mòr.

Ann an ionad Turas, a tha stèidhichte ann an togalach Skainos, air Rathad Bhaile Nua na hArda, tha seòmar teagaisg, oifisean agus leabharlann / sgìre shòisealta.

Thèid an t-ionad fhosgladh le fear a bhuinneas don sgìre, Sam Evans, a bha an lùib a bhith a' stèidheachadh Pàrtaidh Adhartach an Aonaidh (PUP).

Thuirt Oifigear Leasachaidh Linda Ervine, gun robh mar a tha ùidh sa chànan a' sìor-fhàs, a' fàgail gun robh feum air goireasan a bharrachd air na bh' ann.

"Thòisich sinn le clas cunbhalach o chionn dà bhliadhna, a bha dùil a mhaireadh 15 seachdainnean," thuirt i.

"An-dràsta, tha ochd clasaichean gach seachdain gan cumail aig ionad Skainos.

"Thàinig oirnn leudachadh mu choinneimh mar a tha an àireamh de luchd-ionnsachaidh a' dol am meud.

"A-niste, tha mu 90% den luchd-ionnsachaidh againn nam Pròstanaich.

"Bidh daoine a' cur fios thugam gach seachdain, fiù 's gach là. Cha do rinn sinn ach an doras fhosgladh."