Buidheann Ola nan Eilean Siar a' dol ma sgaoil

Iain MacIomhair, Iain Mac a' Mhaoilein agus Ken Kennedy
Image caption Tha sùilean a-nis air cumhachd ath-nuadhachail sna h-Eileanan, seach ola.

Chaidh Buidheann Ola nan Eilean Siar ma sgaoil.

Às dèidh còrr is fichead bliadhna a' feuchainn ri obair na h-ola a thàladh dhan sgìre, tha buill na buidhne air co-dhùnadh nach eil feum oirre tuilleadh.

"Chaidh oidhirp mhòr a dhèanamh na h-Eileanan a chumail fa chomhair gu h-àraid nan companaidhean ola," thuirt Iain MacIomhair, a th' air a bhith na bhall den bhuidhinn.

"Agus gu ìre tha buannachd air tighinn na cois.

"Ach mar a chaidh na bliadhnaichean seachad, agus chunnaic sinn an suidheachadh aig Gàradh Àranais a' dol sìos, agus 's e Lewis Offshore a bha mar mheadhan air a' bhuidheann a chruthachadh.

"Bha e tòrr na bu duilghe, agus cuideachd leis an naidheachd nach robh cothroman gu bhith ann a thaobh ola 's gas mar a bha daoine a' faicinn 's dòcha bho chionn 20 bliadhna air ais, bha daoine a' coimhead na bu mhotha ri gnothaichean cumhachd ath-nuadhachail.

"Tha sinn air a bhith a' faicinn obair mhòir air a bhith a' tachairt thall air an làraich an Àranais, agus tha sinn an dòchas gum faic sinn sin a' cumail a' dol.

"Ach tha buidheann eile a-nis air a stèidheachadh, Energy North, agus tha iadsan 's dòcha a' gabhail a-null nan amasan a tha a' bhuidheann a bha seo a' feuchainn ri coileanadh," thuirt e.

Fàgaidh a' bhuidheann dìleab de chòrr is £5,000 aig Colaiste a' Chaisteil airson cùrsaichean einnsinìridh a bhrosnachadh, is dòchas aca gun cùm an roinn sin den eaconamaidh cosnadh ri mòran san àm ri teachd.