Clò Mòr Innse Gall a' sùileachadh bliadhna shoirbheachail

Air fhoillseachadh
fo-thiotal an deilbhFhuair Clò Mòr Innse Gall duais Companaidh na Bliadhna aig duaisean fasain ann an 2013.

Tha a' mhuileann as motha a tha a' dèanamh Clò Hearach ann an Leòdhas agus na Hearadh ag ràdh gu bheil dùil aca ri bliadhna shoirbheachail.

Thuirt Clò Mòr Innse Gall gun robh na h-òrdain aca aig deireadh na bliadhna an-uiridh suas 25% an coimeas ris an aon àm a' bhòn-uiridh.

Tha an t-àrdachadh seo a' ciallachadh gu bheil bliadhna ùr thrang air thoiseach orra, agus air na breabadairean.

Duaisean

A thuilleadh air soirbheachais a thaobh òrdan, an-uiridh fhuair Clò Mòr Innse Gall duais Companaidh na Bliadhna aig duaisean fasain ann an Lunnainn, agus chaidh inbhe Tosgaire Fasain na Bliadhna a bhuileachadh orra aig Duaisean Fasain na h-Alba.

O chionn ghoirid, tha prìomh mhargaidhean ceannaich na companaidh air a bhith ann an Iapan, ach tha stiùirichean ag ràdh gu bheil an luach iomlaid eadar an dùthaich sin agus an not air a bhith cugallach.

Leis an sin, bithear airson margaidhean ùra a lorg sa bhliadhna a tha romhainn, gus nach bithear a' crochadh cus air aona mhargaidh.

Obair-leasachaidh

Bidh riochdairean bho Chlò Mòr Innse Gall aig dà phrìomh thachartas fasain anns a' mhìos a tha romhainn - fear ann an Florence agus fear eile ann am Paris.

Dh'ainmich a' chompanaidh cuideachd bho chionn mìos gum bi iad a' dèanamh obair-leasachaidh luach £1m air a' mhuileann sa bhliadhna a tha romhainn.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh