Iomain Challainn

California a Tuath Image copyright Other
Image caption Bha là breagha aca ann an California 'son geama iomain a chluich. Taing do Chluba Camanachd Chalifornia a Tuath 'son an deilbh.

Chomharraich grunn sgiobaidhean iomain toiseach na bliadhna ùire le geamaichean anns na làithean a chaidh seachad.

Ann an Steòrnabhagh Disathairne, rinn sgioba a' chaiptein an gnothach air sgioba an leis-chaiptein 7-3.

Diardaoin, bha Lòbhat air Cupa MhicShimidh a ghlèidheadh 4-1.

Dìoghaltas do Lòbhat, às dèidh dhan Mhanachainn a' chùis a dhèanamh orra ann an 2013.

Ann am Bàideanach, bha farpais chruaidh eadar na ginealachdan ann an Ceann a' Ghiuthsaich 'son Cupa Cuimhneachaidh Bob Sinclair.

Seòid

Chaidh na seòid air thoiseach trath le tadhal bho Chaoimhin Thain.

Thill an fheadhainn òga air ais gu làidir ge-tà is rinn iadsan a' chùis 4-2 air a' cheann thall.

Dòchas do Cheann a' Ghiuthsaich gu bheil an sgioba òg aca a' tighinn air adhart.

Chan ann an Alba a-mhàin a bha geamaichean a' dol air adhart ge-tà.

Anns na Stàitean Aonaichte bha geama aig Camanachd Shasainn Nuaidh air a' chost an ear, is thall air a' chost an iar bha Camanachd Chalifornia a Tuath trang leis a' gheama acasan.

Bha i 58°F air Tràigh a' Phobhlair aig an àm - beagan nas blaithe na aig na geamaichean ann an Alba.