An ceangal eadar am Punjab is Port Rìgh

Published
media captionAn ceangal eadar am Punjab is Port Rìgh.

Cha shaoileadh duine gum biodh ceangal eadar am Punjab agus Port Rìgh, ach tha.

Tha tè às na h-Innseachan air blasad de dhualchas sgìre a breith a thoirt dhan àite far a bheil i an-diugh a' dèanamh a dachaigh.

Thàinig Meena Watts a dh'fhuireach dhan Eilean Sgitheanach bho chionn trì bliadhna agus thug i leatha sgilean dannsaidh na dùthcha far an do rugadh i.

Thòisich Meena ag ionnsachadh dannsa thraidiseanta Innseanach nuair nach robh i ach dà bhliadhna de dh'aois, agus tha i an-diugh ga theagasg do mhuinntir an Eilein.

Ged a tha na ceumanan fhathast stèidhichte gu mòr air an stoidhle Bollywood a chithear ann am filmichean nan Innseachan, thar nam bliadhnaichean tha stoidhlichean eadar-nàiseanta air nochdadh 's air buaidh a thoirt.

A thuilleadh air boireannaich, bidh Meena cuideachd a' teagasg chloinne bige.

Slàinte inntinn

Chan e a-mhàin gur e deagh eacarsaich a th' ann an dannsa do shean agus òg, tha Meena den bheachd gu bheil e math do shlàinte inntinn dhaoine cuideachd.

"Tha dannsa math a thaobh slàinte agus fallaineachd, ach cuideachd, gu sòisealta, tha e a' toirt cothrom do dhaoine a bhith a' tighinn còmhla," thuirt i.

image copyrightGetty Images
image captionThòisich Meena ag ionnsachadh dannsa thraidiseanta Ìnnseanach nuair nach robh i ach dà bhliadhna de dh'aois.

Tha piuthar Kathleen NicChoinnich, Lynn, a' fulang le Alzheimer's agus tha na clasaichean Bollywood air buaidh mhòr a thoirt oirre.

"Nuair nach eil càil aice a nì i, tha i a' coimhead cho tùrsach. Ach, air an àrd-ùrlar, thòisich i a' dannsa anns a' bhad. Tha i fìor dhèidheil air a' cheòl," dh'innis Kathleen.

Cothrom

Air an àrd-ùrlar, tha e follaiseach gu bheil an cur-seachad a' còrdadh gu mòr ris na dannsairean.

Thuirt tè de na h-oileanaich, Màiri NicChoinnich: "Tha sinn air eilean beag ann an ceann a tuath na h-Alba; cò a-riamh a shaoileadh gum biodh sinn nar dannsairean Bollywood!"

Gheibh am pobal cothrom gluasadan nan oileanach fhaicinn as t-Earrach agus iad trang ag ullachadh airson taisbeanadh de dhannsa Bollywood aig ionad Àrois ann am Port Rìgh.