Bliadhna ùr mhath aig County

Ross County Image copyright SNS
Image caption Bha County air an dòigh aig deireadh a' gheama.

Thòisich Ross County 2014 le brag is iad air trì puingean luachmhor a thoirt bho na nàbaidhean aca, Caley Thistle.

Cha b' ann le cus misneachd a chaidh sgioba Inbhir Pheofharain tarsainn air Drochaid Cheasaig is iad gun geama a bhuannachadh 'son cha-mhòr trì mìosan.

'S iad Caley Thistle a thòisich a b' fheàrr is deagh chothrom aig Billy MacAoidh tràth sa gheama às dèidh do dh'oidhirp bho Doran am post a bhualadh.

'S ann aig an taobh eile a thàinig a' chiad tadhal ge-tà, Scott Boyd a' cur a' bhuill dhan lìon bho 10 slatan.

Tadhal eile

Mionaid às dèidh sin, bha County 2-0 air thoiseach.

B' ann bho Ailig Cooper an thàinig an tadhal is e a' bristeadh seachad air Graeme Shinnie mus do chuir e am ball seachad air Brill ann an lìon Chaley Thistle.

A dh'aindeoin gach oidhirp bho sgioba Inbhir Nis, cha do chruthaich iad mòran de chothroman, is dh'fhulang iad buille eile le cairteal na h-uaireach ri dhol is càirt dhearg 'son Ross Draper is coltas ann gun do bhuail e Kettlewell le uilinn.

Thàinig tadhal do Chaley Thistle mu dheireadh thall le mionaid air fhàgail is Aaron Doran a' cur a' bhuill dhan lìon ach bha e cus ro anmoch is thill County dhachaigh leis na trì puingean.

Buaidh chudromach do sgioba Dherek Adams is bha iad gu follaiseach air an dòigh aig deireadh a' gheama.