Dragh mu mhapaichean ùra

Air fhoillseachadh
Fo-thiotal an deilbh, Tha Ceann a Tuath Na Hearadh na dheagh eisimpleir air mar a dh'fhaodas sgìre a bhith air a leasachadh gu maith na coimhearsnachd.

Tha uachdarain coimhearsnachd draghail mu phlanaichean airson sgìrean de thalamh nàdarra a ghlèidheil bho leasachaidhean.

Tha seo a' tighinn an dèidh don ùine conaltraidh air mapaichean ùra a chaidh a dhèanamh le Dualchas Nàdar na h-Alba a thighinn gu ceann.

Tha na mapaichean ag amas air cuid de sgìrean a dhìon bho leasachaidhean mòra gaoithe.

A rèir Cathraiche Fearann Coimhearsnachd na h-Alba, Dàibhidh Camshron, dh'fhaodadh iad droch bhuaidh a thoirt nan deigheadh an cleachdadh ann an dòigh mì-iomchaidh.

Thuirt Mgr Camshron cuideachd gu bheil Ceann a Tuath na Hearadh na dheagh eisimpleir air mar a dh'fhaodas sgìre a bhith air a leasachadh gu maith na coimhearsnachd.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh