Iomain Challainn

Caman
Image caption Tha 2014 gus tòiseachadh le brag is iomain Challainn ann an grunn sgìrean.

Tha iomain Challainn ann an grunn sgìrean is sgiobaidhean a' comharrachadh na bliadhna ùire.

'S e an geama as aithnichte, 's dòcha, Cupa MhicShimidh eadar Lòbhat is a' Mhanachainn.

B' ann an 1904 a thòisich an fharpais agus MacShimidh a' toirt seachad cupa 'son geama eadar na nàbaidhean aig a' bhliadhna ùir.

'S ann an Cill Targhlain aig 1:00f Diardaoin a bhios geama na bliadhna seo is Graham Camshron na rèitire.

Chuir a' Mhanachainn an ceòl air feadh na fidhle nuair a bhuannaich iad 2-1 an-uiridh is bidh Lòbhat gu mòr ag amas air dìoghaltas fhaighinn Diardaoin.

Steòrnabhagh

Bidh geama nan Leòdhasach ann Disathairne aig Ceann a' Bhàigh ann an Steòrnabhagh.

Tha an geama fosgailte do dhuine sam bith nas sine na 14 a tha 'son cluich, agus tha fàilte cuideachd air daoine a tha ag iarraidh a dhol ga choimhead.

Bu chòir dha na cluicheadaran cruinneachadh aig 1.30f is tòisichidh an geama aig 2:00f.

Baile a' Chaolais

Chaidh an geama bliadhnail ann am Baile a' Chaolais eadar Sear is Siar a chur dheth an t-seachdain seo chaidh ri linn droch shìde is thèid e air adhart a-nise Disathairne.

Bidh an geama aig Pàirc Jubilee sa bhaile, air neo air a' phàirc phlastaig ann an Ceann Loch Lìobhann, a rèir na sìde.

Chan ann an Alba a-mhàin a bha iomain Challain a' dol, is sgioba Chalifornia a Tuath air an geama acasan a chluich Là na Bliadhn' Ùire.

Bha geama cuideachd aig Camanachd Shrath Spè ann am Baile Ùr nan Granndach Là na Bliadhn' Uìre fhèin.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile