Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

30 An Dùbhlachd 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Volgograd

Bha leanabh òg am measg 14 duine a chaidh a mharbhadh le spreadhadh air bus ann an Volgograd ann an ceann a deas na Ruis, dìreach là an dèidh ionnsaigh fèin-mharbhtach eile sa bhaile anns an deach 17 duine a mharbhadh. Tha dragh ann gu bheil radaigich Islamach a' feuchainn ri droch bhuaidh a thoirt air Geamaichean Oilimpigeach a' Gheamhraidh, a tha a' tòiseachadh ann am baile Sochi air a' Mhuir Dhuibh an ceann sia seachdainean.

Mìcheal Schumacher

Tha Mìcheal Schumacher, a ghlèidh tiotail Formula 1 seachd tursan, gu math ìosal anns an ospadal anns an Fhraing an dèidh tubaist nuair a bha e a' sgitheadh. Chaidh an Gearmailteach, a tha 44, a dhroch leòn mun cheann. Chaidh a chur fo lannsa agus tha e gun mhothachadh.

Èirinn a Tuath

Tha na pàrtaidhean poileataigeach ann an Èirinn a Tuath a' coinneachadh ann am Beul Feirste an-diugh, a' feuchainn ri aonta a' ruigheachd mu chuid de na rudan air nach d' fhuair iad fuasgladh ann am pròiseas na sìthe. Thuirt an Tosgaire Aimeireaganach, Richard Haass, a tha os cionn na cùise, gur e an-diugh an là mu dheireadh de na còmhraidhean.

Urras na Pàirce

Fhuair coimhearsnachd na Pàirce ann an Leòdhas dearbhadh bhon Riaghaltas air an t-airgead mu dheireadh a tha a dhìth orra airson am fearann a cheannach dhaibh fhèin. Tha Stòras Fearainn na h-Alba agus Iomairt na Gaidhealtachd 's nan Eilean air £300,000 a ghealltainn dhaibh, le dùil gun cosg e mu £500,000 dhaibh uile gu lèir. Tha 10 bliadhna ann bho thòisich an oidhirp air an talamh a cheannach bhon t-uachdaran.

Dealan

Iarraidh Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte air na companaidhean cumhachd airgead a thoirt air ais do luchd-cleachdaidh a chaill an dealan anns an droch shìde an t-seachdain seo chaidh. Aig aon àm, bha 150,000 dachaigh gun dealan. Thuirt fear-labhairt an Riaghaltais gu bheil e follaiseach nach robh luchd-obrach gu leòr aig cuid de na companaidhean airson dèiligeadh ris an t-suidheachaidh.