Àrdachadh tuarastail ann am Moireibh

Air fhoillseachadh
fo-thiotal an deilbhAnn an Alba, thàinig lùghdachadh de dh'fhaisg air 10% ann an luach thuarasdail.

'S e Moireibh an aon sgìre ann am Breatainn far an do dh'èirich na tha daoine a' cosnadh sa bhitheantas, a rèir figearan a chaidh fhoillseachadh leis an aonadh ciùird GMB.

Aig aon sa cheud, ged is e àrdachadh glè bheag a tha seo, tha sgìre Mhoireibh gu math nas fheàrr dheth na tha an còrr den dùthaich bho thòisich crìonadh na h-eaconamaidh o chionn còig bliadhna.

Ann an Alba, thàinig lùghdachadh de dh'fhaisg air 10% ann an luach thuarasdail.

Tha an naidheachd seo a' tighinn agus an CBI ag ràdh gu bheil piseach a' tighinn air eaconamaidh na h-Alba.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh