Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

20 An Dùbhlachd 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Rochdale

Tha ath-sgrùdadh a chaidh fhoillseachadh an-diugh ag ràdh gun do dh'fhailich 17 de dhiofar bhuidhnean an dleastanas a dhèanamh ann an cùis seachdnar nighean òg air an deach ionnsaighean drabasta a thoirt airson fad bhliadhnaichean ann an Rochdale ann an Lancashire. Tha na Poilis, an t-ùghdarras ionadail, an NHS, agus buidhnean carthannais nam measg. Tha naoinear dhaoine sa phrìosan an-dràsta an dèidh dhaibh na h-ìghnean ullachadh airson feise le bhith a' cur deoch-làidir agus drogaichean orra.

An Apollo

Tha dithis san ospadal fhathast an dèidh do phàirt de mhullach an t-seòmair tuiteam orra ann an taigh-cluiche Apollo ann an Lunnainn an-raoir fhad 's a bha dealbh-chluich a' dol air adhart. Bha mu 700 duine san togalach aig an àm, thuirt feadhainn gun cuala iad fuaim, agus gun do thuit pìosan den phlèastar a bha os an cionn.

An Eaglais Chaitligeach

Chaidh gearain a-rithist nach eil an Eaglais Chaitligeach an Alba a' toirt taic do dh'fheadhainn a tha ag ràdh gun do dh'fhulaing iad droch dhìol aig dhà de sgoiltean na h-eaglaise aig Abaid Chille Chuimein air a' Ghàidhealtachd, agus Sgoil Charlkemp ann am Bearuig a Tuath. Tha feadhainn a thog casaidean ann am prògram a chaidh a chraoladh air a' BhBC an Alba bho chionn còig mìosan ag ràdh nach cuala iad dad fhathast bho riochdairean na h-eaglaise.

Dennis MacShane

Thèid binn an-diugh air Dennis MacShane a bha na mhinistear Làbarach, an dèidh dha aideachadh gun do rinn e foill de £13,000 le a chosgaisean Pàrlamaid. Thuirt am Britheamh aig an Old Bailey ri Mgr MacShane anns an t-Samhain gum faodadh a' chùirt a chur dhan phrìosan.

NPower

Bidh a' chompanaidh NPower a' roinn £3.5m air luchd-cleachdaidh air an do ghabh iad brath. Thuirt an riaghladair Ofgem nach do rinn NPower follaiseach idir do luchd-cleachdaidh am biodh iad a' cùmhnadh airgid le bhith a' gluasad gu companaidh eile.

Comhairle na Gàidhealtachd

Chaidh fàgail air a' bhuidhinn riaghlaidh aig Comhairle na Gàidhealtachd gu bheil iad a' cleith fiosrachaidh mu na gearraidhean a tha iad a' cur an sàs. Chaidh buidseat na bliadhna 2014-15 aontachadh an-dè, agus ceannardan comhairle ag ràdh gun do chùmh iad £3.5m le sàbhaladh a chuir iad romhpa na bu tràithe am bliadhna. Ach tha na dùbhlanaich a' cumail a-mach gu bheil iad a' mealladh dhaoine leis an dreach a tha iad a' cur air an fhiosrachadh. Dh'aidich Pròbhost Inbhir Nis, Ailig Greumach, gum faodadh cion an airgid atharrachadh mòr a thoirt air an dòigh sa bheil a' Chomhairle a' toirt seachad sheirbheisean.