Nas lugha a' dràibheadh fo bhuaidh na dibhe

Published
image copyrightPA
image captionChaidh ochdnar a ghlacadh air a' mhìos seo a' dràibheadh fo bhuaidh na dibhe air rathaidean na Gàidhealtachd.

Tha Poilis air a' Ghàidhealtachd ag ràdh gu bheil a h-uile coltas ann gu bheil nas lugha de dhaoine a' dràibheadh fo bhuaidh na dibhe air rathaidean na sgìre.

Thòisich na Poilis an iomairt nollaige aca air an 6mh den Dùbhlachd.

Thuirt iad gun do chuir iad stad air 317 dràibhearan sa chiad sheachdain den iomairt, is gun robh ochdnar dhiubh sin os cionn na h-ìre de dheoch-làidir a tha ceadaichte.

"Tha sinn tolichte gu bheil na h-àireamhan cho ìosal," thuirt an Inspector Neil Lumsden bho Phoilis na h-Alba.

"Bu thoil leam taing a thoirt dhan fheadhainn a tha air fiosrachadh a chur thugainn mu dhaoine a tha a' dràibheadh fo bhuaidh na dibhe," thuirt e.

Leanaidh iomairt nam Poileas fad na mìos.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh