Ceannach thaighean comhairle ga stad

Air fhoillseachadh
Tùs an deilbh, PA
Fo-thiotal an deilbh,
Tha mu ochdnar a' feitheamh mu choinneimh gach taighe chomhairle a tha ri fhaotainn ann am Moireibh.

Chuir Comhairle Mhoireibh casg air daoine bho bhith a' ceannach nan taighean comhairle aca gu an ceann deich bliadhna.

Chaidh còrr is dàrna leth thaighean comhairle na sgìre a reic ris an luchd-màil a th' annta bho thugadh cead dhaibh sin a dhèanamh air prìs ìosal anns na 1980an.

Tha a' Chomhairle mar thà air an còir sin a thoirt gu crìch ann an cuid de sgìrean, ach tha iad a-nis air an sgìre aca air fad a chomharrachadh fo Inbhe Ghainnead Thaigheadais airson an ath-dheich bliadhna.

Tha an-dràsta mu 3,000 ainm air liosta-feitheamh nan taighean comhairle ann am Moireibh - mu ochdnar mu choinneimh gach taighe a thig saor.

Tha a' Chomhairle ag ràdh nach urrainn dhaibh taighean a thogail luath gu leòr airson an 420 taigh ùr gach bliadhna a bhiodh a dhìth thairis air an ath-dheich bliadhna airson an t-iarrtas a th' ann a shàsachadh.

Thuirt iad gu bheil an co-dhùnadh seo a' toirt cothrom dhaibh na th' ann de thaighean comhairle an-dràsta a chumail san roinn phoblaich, agus a' toirt dhaibh ùine airson an t-iarrtas a choileanadh.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh