Cathraiche ùr aig PNE

Air fhoillseachadh
Tùs an deilbh, Other
Fo-thiotal an deilbh,
'S i Cathy NicDhòmhnaill cathraiche ùr Pròiseact nan Ealan.

Chaidh an craoladair Cathy NicDhòmhnaill ainmeachadh mar chathraiche ùr na buidhne Pròiseact nan Ealan.

Tha a' bhuidheann cuideachd air crathadh a thoirt air a' bhòrd-stiùiridh aca.

Dh'innis iad gu bheil Gòrdan MacIllinnein, Annella NicLeòid, Màiri Kidd is Muriel Urchadain air a dhol air a' bhòrd.

"Tha an luchd-obrach againn air an dòigh gu bheil cuideigin mar Chathy le eòlas is comasan anns na h-ealain gu bhith a' stiùireadh na buidhne," thuirt Àrd-Stiùiriche Pròiseact nan Ealan, Erica Mhoireasdan.

"Tha bliadhna thrang air thoiseach oirnn ann an 2014 le tòrr a' dol gu sònraichte gus comharrachadh 100 bliadha bho thòisich an Cogadh Mòr."

"Le beachdan bho bhuill ùra air a' bhòrd bidh sinn ag amas air pròiseictean ealan Gàidhlig a chur air dòigh air feadh Alba," thuirt i.

Thuirt Cathy Bhàn fhèin gu bheil i air a dòigh.

"Tha fiughair orm a bhith ag obrachadh còmhla ris an sgioba gus PNE a ghluasad air adhart.

"Thar nam bliadhnaichean tha cliù air a bhith aig PNE a thaobh leasachaidhean ealain chruthachail.

"Sin an t-amas a th' againn 'son na buidhne, gum bi i na samhla air a' chultar againn," thuirt i.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh