Dùil ri casg air astar san Òban

Air fhoillseachadh
Tùs an deilbh, PA
Fo-thiotal an deilbh,
Tha Riaghaltas na h-Alba a' cur sgeama air dòigh ann an oidhirp piseach a thoirt air sàbhailteachd air na rathaidean.

Dh'fhaodadh gun tèid casg air astar de 20 mìle san uair a stèidheachadh san Òban anns na mìosan a tha romhainn, mar phàirt de sgeama pìleat.

Tha Riaghaltas na h-Alba a' cur sgeama air dòigh ann an oidhirp piseach a thoirt air sàbhailteachd air na rathaidean.

A thuilleadh air an Òban, bheir an sgeama pìleat air dràibhearan a tha a' dol tro Maybole, an Leargaidh Ghallta, Biggar agus Langholm a dhol aig 20 mìle san uair.

Chaidh na sgìrean seo a thaghadh air sgàth na h-àireimh de thubaistean, na tha de thrafaig air na rathaidean, agus an astar aig am bi na carabadan a' siubhail.

Co-choimhearlachadh

Thuirt an Riaghaltas gun tòisich iad a-nis air co-choimhearlachadh a dhèanamh le Comhairle Earra-Ghàidheal agus Bhòid, agus le buidhnean coimhearnsachd eile.

Ma thèid aonta a ruighinn, thèid an casg air astar an sàs anns na sgìrean seo as t-Earrach neo as t-Samradh seo tighinn.

A rèir Mhinistear na Còmhdail, Keith Brown, cha bu chòir gum bi feum air obair einnsinìridh neo taic bho na Poilis airson an sgeama a chur an sàs.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh