Na mìltean gun dealan

Chaidh cumhachd a thilleadh dha na mìltean de dhachaighean air a' chosta an iar a bha gun dealan 'son ùine Diluain.

Dh'innis Scottish Hydro gun robh mu 18,000 taigh air Taobh Siar na Gàidhealtachd agus anns na h-Eileanan an Iar às aonais a' chumhachd 'son treis sa mhadainn.

Thathas a' tuigsinn gur e mar a bhuail dealanaich air an loidhne a bu choireach.

Ann an cùis fa-leth, bha mu 300 taigh ann an Dhùn Bheagain is san t-Sruthan gun dealan bho 04:00m.

Chaidh cumhachd a thilleadh dhan a h-uile duine ro 1:00f.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile