Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

16 An Dùbhlachd 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Siria

Thuirt Ceann-suidhe na Comataidh Teasairginn Eadar-nàiseanta, Dàibhidh Miliband, nach eil an còrr den t-Saoghal a' dèanamh gu leòr mun èiginn anns a bheil fògaraich ann an Siria. Bha Mgr Miliband a' bruidhinn, agus an UN a' cur an iomairt as motha fhathast air bhonn an-diugh, airson airgead a thogail a nì cobhair air feadhainn a tha gun dachaigh no fasgadh le buaidh a' chogaidh ann an Siria.

Mèirle Nollaige

Chaidh poileasaidh nas cruaidhe fhoillseachadh an-diugh an aghaidh mhèirleach a nì briseadh-taighe aig àm na Nollaige, le rabhadh gum faodadh binn prìosain cho fada ri còig bliadhna a dhol mu choinneimh sin. Thuirt Poilis na h-Alba gu bheil iad a' cur sgiobannan air dòigh ann an Obar Dheathain agus Dùn Èideann, far a bheil mèirle den t-seòrsa seo na trioblaid.

Mark Bridger

Tha an duine a chaidh a dhiteadh airson muirt na h-ìghne bige April Jones às a' Chuimrigh a' cur tagradh air bhonn. Chaidh binn fad beatha sa phrìosan air Mark Bridger. Tha dùil ris a' chiad èisteachd ann an Cùirt an Ath-thagraidh air an ath-mhìos, ged nach eil fios am bi Bridger a' tagradh an aghaidh a dhitidh, no ùine na binne a chaidh air.

Stiùireadh a' BhBC

Rinn comataidh pàrlamaid càineadh air stiùireadh a' BhBC ann an aithisg mun t-seòrsa pàighidh a bha a' bhuidheann a' toirt do dh'àrd-mhanaidsearan a bha a' fàgail an dreuchd. Tha Comataidh nan Cunntasan Poblach ann an Westminster ag ràdh gur e siostam briste a bh' ann a chuir cliù a' BhBC ann an cunnart agus a rinn ana-caitheamh air airgead phoblach.

Bun-sgoil Ghàidhlig Phort Rìgh

Tha Ministear na Gàidhlig ann an Riaghaltas na h-Alba, Alasdair Allan, ann am Port Rìgh an-diugh ag innse mu thaic-airgid an Riaghaltais do bhun-sgoil Ghàidhlig anns a' bhaile. Tha Mgr Allan a' tadhail air an làraich a chaidh a thaghadh air Rathad an t-Sruthain, far a bheil dùil tòiseachadh a' togail ann an 2015.

Call an Dealain

Le buaidh na droch shìde tha an dealan air a bhith dheth sna h-Eileanan an Iar anns an uair de thìde mu dheireadh an dèidh briseadh anns a' cheangal eadar na h-Eileanan agus an t-Eilean Sgitheanach. Thuirt SSE gu bheil iad air an stèisean chumhachd ann an Steòrnabhagh a chur a' dol, agus gun till an dealan a Steòrnabhagh an toiseach, agus dhan chòrr de na h-Eileanan anns an ath-uair de thìde. Tha coltas ann cuideachd gu bheil a' ghaoth làidir a tha sin a' dol a thoirt buaidh air seirbheisean aiseig feasgar. Tha làrach-lìn Chaledonian Mhic a' Bhriuthainn a' cumail fiosrachaidh mun a sin.