Tuath-gaoithe Thiriodh ga tharraing

Air fhoillseachadh
Fo-thiotal an deilbh, Tha na tuinn far chladaichean Thiriodh ro mhòr, a rèir na companaidh.

Dh'innis ScottishPower Renewables nach eil iad a' dol air adhart le tuath-gaoithe mòr aig muir far chladaichean Thiriodh.

Bhiodh am pròiseact air sgeama cho mòr 's a bhiodh ann am Breatainn le comas air dealain a chumail ri millean dachaigh.

Ach dh'innis Scottish Power gu bheil tuinn ro mhòr far chladaichean Thiriodh agus nach eil grunnd na mara freagarrach.

Bha dragh ann cuideachd mu bhuaidh na sgeama air an àrainneachd.

Thuirt a' chompanaidh gun do rinn iad an co-dhùnadh mus do dh'innis Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte gum bi iad a' cur tuilleadh airgid ri tuathan-gaoithe aig muir seach sgeamaichean air tìr.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh