Co-chomhairleachadh air leasachadh loidhne-dealain

Loidhne-dealain
Image caption Cosgaidh an obair-leasachaidh còrr is ceud millean not.

Thòisich co-chomhairleachadh air planaichean gus obair-leasachaidh luach nam milleanan notaichean a dhèanamh air loidhnichean an dealain eadar a' Mhanachainn, Inbhir Nis agus Tom Aitinn.

Tha Scottish Hydro Transmission Eta ag ràdh gu bheil iad a' freagairt iarrtasan bho fheadhainn a tha a' ruith thuathan-gaoithe agus a tha airson ceangal a dhèanamh ris a' Ghrìod Nàiseanta.

Tha a' chompanaidh ag ràdh gun cosg e mu £110m na loidhnichean a leasachadh.

Thèid loidhne àrd ùr a thogail eadar Cnoc nan Giall ann an Inbhir Nis agus Tom Aitinn, agus thèid loidhne ùr a chur an àite an loidhne a th' ann an-dràsta eadar a' Mhanachainn is Cnoc nan Giall.

Thèid stèisean dealain ùr a thogail aig Tom Aitinn agus thèid am fear a th' ann an Cnoc nan Giall a leudachadh gus am bi comas ann 200 megawatt a làimhseachadh.

Chaidh làithean fiosrachaidh a chumail bho chionn ghoirid a thug cothrom do mhuinntir na sgìre barrachd fhaighinn a-mach mu na planaichean.

Thuirt SHE Transmission gu bheil iad air làrach-lìn a chruthachadh a tha a' toirt seachad fiosrachaidh air na molaidhean.