Dragh mu ìre na seirbheis aiseig ùire

Malaig Image copyright Undiscovered Scotland
Image caption Bidh an sgeama pìleat a' ruith trì bliadhna.

Tha dragh ann an Uibhist mu cho tric 's a tha an t-seirbheis aiseig ùr eadar Loch Baghasdal is Malaig air a bhith dheth bho thòisich i.

Chan eil Cal Mac air an clàr-ama airson na seirbheis ùire a choileanadh ach ceithir làithean thairis air a' chiad mhìos.

Tha luchd-siubhail is gnìomhachasan ag ràdh gu bheil a' mhì-chinnt a' cur bacadh orra an t-seirbheis a chleachdadh, rud a dh'fhaodadh nam beachdsan buaidh a thoirt air an sgeama pileat san fharsainneachd.

"A Ghlaschu, tha sinne a' ruith trì trupan san t-seachdain, agus bhiodh i gu math freagarrach airson sin," thuirt Eachan Stiùbhairt bhon chompanaidh mhaoraich Kallin Shellfish.

"Ach dh'fheumadh cinnt a bhith againn gun robh i gus a bhith ann.

"O chionn 's, nuair a tha sinne a' cur rud air falbh feumaidh sinn a bhith cinnteach gun ruig e far an robh e a' dol.

"Chan urrainn dhuinn a bhith ga chur an taobh sin, ged a chòrdadh e rinn a bhith taiceil dha," thuirt e.

Thuirt neach-labhairt bho Chal Mac gu bheil e na bhriseadh dùil dhaibhsan cuideachd gu bheil fìor dhroch shìde air bacadh a chur air an t-seirbheis thuige seo.

Thuirt iad ge-tà, gum biodh e gòrach barail a thoirt seachad air sgeama pileat a mhaireas trì bliadhna, às dèidh dìreach ceithir seachdainnean.