MG Alba gan dìon bho ghearraidhean buidseat

Rùnaire a' Chultair, Maria Miller
Image caption Bheir Riaghaltas Bhreatainn £1m a bharrachd gach bliadhna don chompanaidh.

Gheibh MG Alba £1m a bharrachd airson telebhisean Gàidhlig ann an 2016.

Tha an naidheachd seo a' tighinn a dh'aindeoin gearraidhean ann am cuid de bhuidseatan an Riaghaltais.

Dh'fhoillsich Àrd-Rùnaire an Ionmhais, Danny Alexander, san Ògmhios gun toireadh Riaghaltas Bhreatainn £1m a bharrachd gach bliadhna don chompanaidh.

Ann an oidhirp easbhaidh na dùthcha a lùghdachadh, dh'ainmich an Seansalair, Seòras Osborne, ann an Aithisg an Fhoghair gun deigheadh na buidseatan aig grunn roinnean ann an Whitehall a ghearradh.

Ge-tà, chaidh dearbhadh Diluain nach toir na gearraidhean sin buaidh air an t-airgead a bharrachd a tha MG ALBA a' sùileachadh ann an 2016.

Thuirt Rùnaire a' Chultair, Maria Miller, gu bheil a' Ghàidhlig na pàirt mòr de dh'ioma-chultar na dùthcha agus gu bheil e cudromach sin a dhìon.

Thuirt i cuideachd gu bheil i toilichte gun urrainn don Riaghaltas leantainn orra a' toirt taic do chraoladh mhion-chànain ann an Alba, a dh'aindeoin trioblaidean eaconamach na dùthcha.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile