Adhartas air cosgaisean-lìbhrigidh

Air fhoillseachadh
fo-thiotal an deilbhTha iomadach companaidh aig a bheil cùmhnantan le companaidhean bathair nàiseanta agus nach bi a' cleachdadh a' Phuist Rìoghail.

Tha fàilte ga cur air stiùireadh ùr bho Riaghaltas na h-Alba airson cosgaisean stuth a lìbhrigeadh gu sgìrean iomallach a chumail sìos.

Dh'fhoillsich Ministear na h-Iomairt, Fearghas Ewing, molaidhean do chompanaidhean bathair nàiseanta airson a bhith nas cothromaiche a thaobh nam prìsean aca airson stuth a chur gu muinntir na Gàidhealtachd 's nan Eilean.

Thuirt BPA nan Eilean Siar, Alasdair Allan, gu bheil e a' faighinn an t-uabhas ghearainnean mu chosgaisean lìbhrigidh, agus gu bheil seo gu h-àraidh leamh seach gum faodadh mòran chompanaidhean am Posta Rìoghail a chleachdadh.

Aontachadh saor-thoileach

Aig an ìre seo, chan eil dleastanas air companaidhean gabhail ri molaidhean an Riaghaltais; 's e aontachadh saor-thoileach a th' ann.

Thuirt Mgr Allan gur e adhartas a th' ann gu bheil Riaghaltas na h-Alba air taobh nan daoine, agus gu bheil e ceart gu bheil daoine a' gearain.

Tha iomadach companaidh air-loidhne, is eile, aig a bheil cùmhnantan le companaidhean bathair nàiseanta agus nach bi a' cleachdadh a' Phuist Rìoghail, fiù 's airson pharsailean beaga.

"Tha mi an dòchas a-nis, ma tha aonta den t-seòrsa seo ann, gum bi cothrom ann na companaidhean a tha a' dol an aghaidh sin ainmeachadh - 'name and shame'." thuirt Mgr Allan.

Riaghailt ùr

Tha Mgr Allan an dòchas aon là gun tèid riaghailt a chur an sàs ag ràdh nach fhaod companaidhean cìsean a bharrachd a chur air sgìrean iomallach, agus gum bi cumhachd aig Riaghaltas na h-Alba dèiligeadh le cùisean leithid seo.

Chun an uair sin, tha Mgr Allan den bheachd gur e a bhith a' cluinntinn bheachdan na coimhearsnachd sna meadhanan an rud as cumhachdaiche.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh