Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

3 An Dùbhlachd 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tubaist Heileacoptair

Tha Leas-Phrìomhaire na Rìoghachd Aonaichte, Nick Clegg, ann an Glaschu an-diugh a' tadhail air làrach na tubiste heileacoptair anns an deach naoinear a mharbhadh. Chaidh an ceathrar mu deireadh ainmeachadh a chaill am beatha. B'iad Raibeart Jenkins, Mark O'Prey, Cailean Gibson, agus John McGarrigle. Tha 11 duine fhathast san ospadal, 's tha e coltach gu bheil triùir dhiubh sin gu math ìosal. Chaidh an heileacoptair a thoirt gu Farnborough ann an Hampshire airson rannsachaidh. Thuirt Mgr Clegg gun toir an Riaghaltas seachad taic sam bith a bhios a dhìth.

RBS

Gheall Banca Rìoghail na h-Alba gun toir iad an cuid airgid air ais do luchd-cleachdaidh a chaill airgid leis nach b'urrainn dhaibh na càirtean plastaig aca a chleachdadh an-raoir airson stuth a cheannach. Tha e coltach gu bheil mu thrì chairteal de mhillean duine ann air an tug an trioblaid buaidh airson mu thrì uairean de thìde an-raoir.

Oilthighean

Tha là eile de throimhe-chèile ann an oilthighean na h-Alba, agus luchd-obrach air stailc airson aon là 's iad a' gearain air am pàigheadh. Thuirt a' mhòr-chuid de na h-oilthighean gum feuch iad ri cumail a' dol mar as àbhaist, ach tha Oilthigh Thaobh Siar na h-Alba dùinte.

NHS na Gàidhealtachd

Cuiridh NHS na Gàidhealtachd buidheann air bhonn a bhios ag amas air smachd a chur air galairean mar C-difficile sna h-ospadail aca. Tha am plana ga fhoillseachadh aig coinneimh a' bhùird-stiùiridh an-diugh, far an tèid mìneachadh a dhèanamh air staid ionmhais na buidhne, agus iad £4.3m os cionn am buidseit.

Oighreachd a' Chrùin

Tha comataidh de Bhuill-Phàrlamaid a' cur cheistean ann an Inbhir Nis an-diugh air riochdairean Oighreachd a' Chrùin mu dhòighean-obrach na buidhne sin air a' Ghàidhealtachd. Dh'fhoillsich a' Chomataidh aithisg anns a' Mhàirt a bha a' càineadh mar a bha Oighreachd a' Chrùin a' dèiligeadh ri an dleastanas, gu h-àraid airson nan cladaichean agus grunnd na mara.

Cùrsaichean Thidsearan

Bidh Oilthigh Dhùn Èideann a' ruith chùrsaichean bhon ath-bhliadha airson luchd-teagaisg Gàidhlig a thrèanadh. Bidh aon chùrsa a mhaireas ceithir bliadhna do dh'oileanaich aig a bheil teisteanas Gàidhlig aig ìre na h-àrd-sgoile, agus cùrsa eile, a mhaireas còig bliadhna, do dh'fheadhainn aig nach eil an ìre sin de Ghàidhlig.