A' cur smachd air galairean ospadail

Air fhoillseachadh
Tùs an deilbh, bbc
Fo-thiotal an deilbh, Tha na galairean air uàrdan a dhùnadh ann an ospadail gu tric.

Stèidhichidh NHS na Gàidhealtachd buidheann a bhios a' coimhead gu sònraichte ri targaidean a choileanadh a thaobh smachd a chumail air galairean.

Bidh iad a' coimhead gu seachd-àraid air Clostriduim Difficile agus Staphylococcus aureus, galairean a th' air duilgheadasan mòra adhbharachadh ann an ospadail na Gàidhealtachd.

Tha na galairean air uàrdan a dhùnadh ann an ospadail gu tric.

Thèid na planaichean fhoillseachadh aig coinneamh den bhòrd-stiùiridh an-diugh, far an tèid innse cuideachd mu staid-ionmhais na buidhne, a th' air a dhol còrr is ceithir millean not thairis air am buidseat.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh