Sgeama hydro am Bràigh Mhàrr

Thèid planaichean airson sgeama hydro ann am Pàirce Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh a thoirt dhan fhollais an t-seachdain seo.

'S iad Comhairle Coimhearsnachd Bhràigh Mhàrr a th' air culaibh nam planaichean 'son an sgeama air Allt Choire Mhuillidh san sgìre.

'S e an dòchas gun tèid na prothaidean nìthear às an sgeama a chosg air proiseactan sa choimhearsnachd.

Ged a tha an làrach ann an àite-glèidhteachais, thèid iarraidh air Ùghdarras na Pàirce Nàiseanta, an taic a chur ris.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile