Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

29 An t-Samhain 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Cosgaisean cumhachd

Thuirt am Prìomh Mhinistear, Daibhidh Camshron, gu bheil e airson cìsean uaine a ghearradh agus farpais a bhrosnachadh anns a' ghnìomhachas mar dhòigh air cogaisean cumhachd a thoirt a-nuas. Chaidh an Riaghaltas às àicheadh gun do dh'iarr iad air na sia companaidhean cumhachd mòra prìsean a chumail gun àrdachadh gu 2015. Thuirt Roinn an Ionmhais gun deach tuigse cheàrr a thoirt à coinneamhan a bh' aca leis na companaidhean mòra bho chion ghioirid. Gheall na Làbaraich gun cuir iadsan casg, airson fichead mìos, air àrdachadh ma shoirbhicheas leotha san taghadh choitcheann ann an 2015, ach thuirt Daibhidh Camshron nach gabh sin dèanamh leis nach eil smachd aig luchd-poilitigs air prìs a' chumhachd.

Gearraidhean

Thuirt Comhairle nan Eilean Siar gum feum iad tuilleadh airgid a shàbhaladh le gearraidhean. Tha na buidseatan airson an dà bhliadhna ri thighinn stèidhte mar-thà, ach bidh sreath ghearraidhean eile ann, suas ri £3m gach bliadhna, a' tòiseachadh ann an 2015.

Cion leapannan

Tha leapannan nach gabh saoradh ann an Ospadal nan Eilean ann an Steòrnabhagh a' cur cosgais de £260 gach leabaidh, gach là air NHS nan Eilean Siar, a rèir an fhiosrachaidh a fhuair am BBC. Thàinig sin gu faisg air £300,000 eadar an Iuchar agus an t-Sultain am-bliadhna. Na bu tràithe an t-seachdain seo, bha 18 duine anns an ospadal a bha deiseil airson a dhol dhachaigh, ach nach b' urrain leis nach robh cùram anns a' choimhearsnachd deiseil mun coinneimh. Tha cion leapannan do dh'euslaintich ùra a' ciallachadh gu bheil obair-lannsa ga chuir dheth agus gu bheil aig euslaintich ri siubhal gu tìr-mòr.

Dachaighean cùraim

Chaidh iarraidh air companaidhean a tha a' ruith dhachaighean cùraim leasachadh a thoirt air dachaigh a th' aca sa Chananaich air Taobh Sear Rois. Thug Buidheann-sgrùdaidh a' Chùraim air a' chompanaidh RDS dachaigh aig Taigh Chlach na h-Àirigh ann an Inbhir Nis a dhùnadh gu lèir nas tràithe air a' mhìos seo, agus a-nis chaidh iarraidh air RDS na h-uimhir de rudan a chuir ceart aig dachaigh Marine House anns a' Chananaich.

Faraidhean

Chaidh iarraidh air companaidhean a tha a' reic stuth prìsean cothromach a chuir air faradh gu sgìrean iomallach na h-Alba. Tha Riaghaltas na h-Alba air molaidhean fhoillseachadh an-diugh agus tha iad ag iarraidh air companidhean cumail riutha sin, mas urrainn dhaibh, gu h-àraidh a' tighinn faisg air àm an Nollaig.

Niall MacIllÌosa

Dh'innis Niall MacIllÌosa gum fàg e dhreuchd mar Stiùriche air Seirbhisean Còmhdhail, Àrainneachd agus Coimhearsnachd aig Comhairle na Gàidhealtachd aig deireadh an Fhaoillich. Thòisich Mgr MacIllÌosa ag obair do sheann Chomhairle Roinneil na Gàidhealtachd ann an 1978. Bidh esan a' fàgail na Comhairle nuair a thòisicheas cruth ùr air an ùghdarras, le còig roinnean seirbheis a' dol an àite na seachd a th' ann an-dràsta.