Tuilleadh ghearraidhean sna h-Eileanan

Togalach Chomhairle nan Eilean Siar
Image caption Tha gearraidhean luach suas ri £3m sa bhliadhna air fàire aig Comhairle nan Eilean Siar.

Dh'innis Comhairle nan Eilean Siar gum feum iad suas ri £3m a bharrachd a shàbhaladh anns na beagan bhliadhnaichean ri thighinn.

Tha an naidheachd a' tighinn agus iad mar thà air gearraidhean mòra a chur an sàs.

Tha na buidseatan airson an ath dhà bhliadhna air aontachadh, ach 's ann an dèidh 2015 a thèid na gearraidhean ùra seo a dhèanamh.

Thuirt Fear-Gairm na Comhairle, Tormod Dòmhnallach, gu bheil co-dhùnaidhean duilich dha-rìribh ri dhèanamh agus gun toir na gearraidhean seo buaidh air na prìomh sheirbheisean.

Thuirt e: "Tha sinn air na sàbhalaidhean a dhèanamh airson an-uiridh, airson na bliadhna-ionmhais anns a bheil sinn agus an ath-bhliadhna, agus tha sin a' toirt dhuinn beagan ùine airson coimhead air adhart gu 2015/16, 2016/17 agus 2017/18."

"Mar a tha cùisean a' coimhead an-dràsta, cha chreid mi nach eil a h-uile duine a' gabhail ris gum bi sàbhalaidhean eile ri dhèanamh gach bliadhna anns na trì bliadhna a tha sin.

"Tha sinne a' cumail a-mach aig an ìre seo gum bi sin eadar £2.5-3m gach bliadhna thairis air an trì bliadhna a tha sin."

Prìomh sheirbheisean

Am measg nan sàbhalaidhean mu dheireadh aig a' Chomhairle, chaidh prìomh sheirbheisean leithid na seirbheis plèana eadar Barraigh agus Beinn nam Fadhla, a ghearradh. Tha a h-uile cothrom gun tachair an leithid a-rithist.

"Chan eil teagamh nach bi feadhainn de na rudan a sheachainn sinn an-uiridh a' tighinn am bàrr a-rithist," dh'innis Mgr Dòmhnallach.

"Feumaidh sinn seirbheisean a dhèanamh nas èifeachdaiche, ma 's urrainn dhuinn sin a dhèanamh, ach gun teagamh bidh cuid de sheirbheisean air an gearradh agus bidh 's dòcha feadhainn aca a' falbh gu tur."

Thuirt e cuideachd gu bheil a' Chomhairle a' cleachdadh tòrr a bharrachd ionmhais airson na h-aon sheirbheisean a lìbhrigeadh 's a thathas a lìbhrigeadh air Tìr Mòr.

"Tha e nas cosgaile a bhith a' lìbhrigeadh sheirbheisean ann an sgìrean iomallach agus bidh a' bhuaidh nas motha, agus 's e sin as coireach gum feum sinn conaltradh is còmhradh ceart a bhith againn le coimhearsnachdan mus tig sinn gu co-dhùnaidhean, ach 's e co-dhùnaidhean duilich dha-rìribh a bhios ann," thuirt e.

"Tha a' Chomhairle a' cur taic mhòir ri coimhearsnachdan, chan ann a-mhàin le bhith a' lìbhrigeadh sheirbheisean ach a bhith a' toirt obair do dhaoine cuideachd."

Dh'innis Mgr Dòmhnallach cuideachd nach eilear, aig an ìre seo, airson daoine a chur a-mach às an dreuchdan an aghaidh an toil.

"Chan eil sinn a' coimhead ri sin an-dràsta idir, ach ma 's e 's gun tionndaidh cùisean a-mach cho dona 's a tha a h-uile duine am beachd, feumaidh sinn coimhead ris a h-uile taghadh agus roghainn a th' againn a thaobh na sàbhalaidhean sin a choileanadh."

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile