Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

28 An t-Samhain 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Ballrachd an Aonaidh Eòrpaich

Thuirt Riaghaltas na h-Alba nach eil iad a' cur sùim sam bith ann am Prìomhaire na Spàinn, Mariano Rahoy, a thuirt gum feumadh Alba neo-eisimeileach ballrachd iarraidh às ùr anns an Aonaidh Eòrpaich. Thuirt esan gum feumadh Alba tagradh a dhèanamh mar stàit ùr airson ballrachd ann an EU, agus nach biodh Alba ga dhèanamh mar dhùthaich a bhiodh fhathast taobh a-staigh an Aonaidh, mar a tha Riaghaltas na h-Alba a' cumail a-mach a thachradh. Thuirt am Ministear ann an Riaghaltas na h-Alba, Ridseard Lochhead, gum biodh Alba neo-eisimeileach ann an suidheachadh àraidh, far am biodh iad a' barganachadh bho thaobh a-staigh na h-Eòrpa.

NPower

Tha a' chompanaidh chumhachd NPower a' gearradh còrr is 1400 cosnadh air feadh na Rìoghachd Aonaichte. Tha iad cuideachd a' dùnadh feadhainn de na làraich aca, ann am meadhan Shasainn agus ann an ceann an ear-thuath Shasainn, mar phàirt den phlana aca airson cuid den obair-rianachd is taic a ghluasad a-mach dha na h-Innseachan.

In-imrich

Nì Daibhidh Camshron tuilleadh mìneachaidh an-diugh aig àrd-choinneamh ann an Lituàinia air a' phlana airson smachd a chur air saorsa dhaoine a bhith a' gluasad air taobh a-staigh an Aonaidh Eòrpaich. Dh'innis Mgr Camshron an-dè gun tèid riaghailtean ùra a stèidheachadh gus am bi e nas duilghe do dh'in-imrich às an Aonaidh Eòrpaich sochairean fhaighinn ann am Breatainn.

Bunait Eòsaph Rowantree

Tha buidheann-sgrùdaidh Bunait Eòsaph Rowantree ag ràdh gu bheil comhairlean ann an sgìrean bochda na h-Alba a' fulang nas motha le gearraidhean ann am buidseat na tha anns na sgìrean as beairtiche. Tha an aithisg ag ràdh gu bheil na h-Eileanan an Iar am measg na sgìrean as motha a tha faicinn buaidh nan gearraidhean.

Ombudsman a dhìth

Tha coltas ann gum faodadh uaireigin fhathast a' Ghàidhlig a bhith air pàipearan-bhòtaidh airson taghaidhean ann an Alba, an dèidh do Chomataidh nan Athchuingean Poblach ann am Pàrlamaid Holyrood freagairt air an sin iarraidh bho Riaghaltas na h-Alba. Tha Iain Macleòid, a tha a' strì gu mòr às leth na Gàidhlig, a' cur fàilte air an sin agus thuirt esan gu bheil rud a bharrachd a dhìth, sin Coimiseanair no Ombudsman a nì cinnnteach gu bheil buidhnean poblach na h-Alba a' dèanamh an dleastanasan dhan Ghàidhlig.

Trioblaidean dealain

Tha cuid de mhuinntir nam Bàgh sna Hearadh a' gearain mun obair a tha SSE a' dèanamh air loidhnichean-dealain. Chuir SSE generator an sàs fhad 's a bha iad a' dèanamh na h-obrach, ach dh'fhàilnich an uidheamachd sin dà thuras, a' fàgail mòran gun dealan airson fad uairean a thìde. Tha cuid a' gearain gu bheil an obair seo a' dol air adhart aig an àm seo den bhliadhna.