Cuairt Dheireannach Deasbad BT Alba

Air fhoillseachadh
fo-thiotal an deilbhMoilidh agus Sarah bho Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu.

'S iad Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu a choisinn Deasbad BT Alba 2013.

Oidhche Chiadain ann am Pàrlamaid na h-Alba rinn Sarah NicDhòmhnaill agus Moilidh NicGriogair a' chùis air Ceitidh agus Joanne NicIllInnein bho Sgoil Lionacleit anns a' chuairt dheireannaich.

B' e cuspair an deasbaid, "'S e an referendum an tachartas as cudromaiche sa bhliadhna a tha romhainn do dh'òigridh na h-Alba."

B' e seo an 15mh bhliadhna den deasbad, a th' air a mhaoineachadh le BT Alba.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh