Am Pàipear Geal

Ailig Salmond Image copyright Getty Images
Image caption Thèid am pàipear fhoillseachadh aig Ionad Saidheans Ghlaschu.

Cuiridh Prìomh Mhinistear na h-Alba, Ailig Salmond, planaichean an SNP airson Alba neo-eisimeileach an cèill, nuair a dh'fhoillsicheas e Pàipear Geal an-diugh.

Aig cuirm ann an Glaschu, foillsichidh Mgr Salmond, agus an Leas-Phrìomh Mhinistear Nicola Sturgeon Pàipear Geal, a' toirt freagairt do 650 ceist a chaidh a thogail leis a' phoball mu neo-eisimeileachd.

Thuirt Mgr Salmond gun cuir an leabhran sa bheil 670 duilleag, às do gach teagamh a th' aig daoine mu chomas na h-Alba mar stàit neo-eisimeileach shoirbheachail.

Thèid referendum a chumail air a' cheist air an 18mh là den t-Sultain 2014, leis a' cheist "Should Scotland be an independent country?"

Thuirt luchd-taic an Aonaidh gu bheil "an ùine a' ruith" air an SNP airson freagairtean a thoirt do cheistean a th' aig daoine mu na dùbhlain a thigeadh an cois neo-eisimeileachd.

Ceistean

Tha Mgr Salmond, agus an Leas-Phrìomh Mhinistear, Nicola Sturgeon, a' foillseachadh a' Phàipeir aig cuir aig Ionad Saidheans Ghlaschu.

Tha an SNP ag ràdh gu bheil an leabhran, air a bheil "Scotland's Future: Your guide to an independent Scotland", na "clach-mhìle chudromach", 's e air a bhonntachadh air fàs eaconamaich agus cothromachd shòisealta.

A rèir an SNP, tha suidheachadh ionmhais na h-Alba nas treasa na tha don Rìoghachd Aonaichte.

Às dèidh foillseachadh a' Phàipeir ann an Glaschu, thèid òraid a thoirt seachad sa Phàrlamaid ann an Dùn Èideann.

Thuirt Ms Sturgeon gu bheil an uallach a-niste air luchd-taic an Aonaidh gus an argamaid acasan a chur an cèill don phoball, leis an t-sealladh acasan air na tha an dàn do dh'Alba.

Tha luchd-taic an Aonaidh air a ràdh gur ann air co-dhiù dèiligeas am Pàipear Geal ri cùisean leithid ionmhais, a thèid an leabhran a mheas.

Thuirt Rùnaire na h-Alba ann an Riaghaltas Bhreatainn, Alasdair MacIlleMhìcheil, gu bheil ceistean mòra mu chuid de na poileasaidhean a tha an SNP air foillseachadh mar thà.

Thuirt e gum biodh e "ao-coltach dha-rìribh" gun obraicheadh planaichean an SNP gus an Nòt a chumail, an cois sheirbheisean Banca Shasainn ann an "Aonadh Airgid" leis a' chòrr den Rìoghachd Aonaichte, 's gum feum an SNP "Plana B" fhoillseachadh.

Tha luchd-taic an Aonaidh cuideachd a' togail cheistean mu phlana an SNP cuidhteas fhaighinn de dh'armachd niuclasach Trident, a tha stèidhichte air Uisge Chluaidh - fhad 's a bhiodh Alba na ball de NATO.

Tha iad cuideachd a' cumail a-mach nach deach cosgaisean a thoirt seachad airson phoileasaidhean eile an SNP, leithid pheinseanan agus sochairean sòisealta.

Thuirt Riaghaltas na h-Alba gur ann gus cothrom a thoirt don phoball coimeas a dhèanamh eadar poileasaidhean an SNP agus cuid phàrtaidhean eile a sgrìobh iad am Pàipear Geal, mus dèan daoine co-dhùnadh air mar a bhòtas iad.

Tha 20,000 leth-bhreac den phàipear gan cruthachadh an toiseach, ach gheibh duine sam bith a dh'iarras leth-bhreac dheth.

Dh'fhoillsich Riaghaltas na h-Alba air an deireadh-sheachdain gur ann air Diardaoin 24mh am Màrt 2016 a dheadh Alba neo-eisimeileachd nam bhòtadh an sluagh air a shon.

'S e sin an là air an do thachair Aonadh nan Crùintean ann an 1603, agus Aonadh nam Pàrlamaidean ann an 1707.

Tuilleadh air an sgeulachd seo