Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

25 An t-Samhain 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Banca Rìoghail na h-Alba

Thuirt Rùnaire a' Ghnothachais, Vince Cable, gum feum rannsachadh a bhith ann mu aithrisean gun do chuir Banca Rìoghail na h-Alba companaidhean beaga a bha seasmhach fodha a dh'aona-ghnothaich gus am faigheadh am banca fhèin grèim air an stòras. Tha fear-comhairleachaidh dhan Riaghaltas, Lawrence Tomlinson, air aithisg ullachadh anns a bheil e ràdh gur e poileasaidh stèidhichte a bha seo aig RBS.

Iasadan Là-pàighidh

Thèid lagh ùr a stèidheachadh airson smachd a chur air companaidhean a tha a' toirt iasadan seachad gu là-pàighidh. 'S e a' bhuidheann riaghlaidh ùr Ùghdarras Modh an Ionmhais a dh'innseas dè an seòrsa smachd a bhios ann. Tha gearainean ann gu bheil feadhainn de na companaidhean a' cur riadh a tha fada ro àrd air na h-iasadan aca.

An Creideas Coitcheann

Tha sgeama ùr sochairean a' chreideis choitchinn a' tòiseachadh ann an Alba airson a' chiad uair an-diugh ann an Inbhir Nis. Tha am pàigheadh aon turas gach mìos an àite sia shochairean a bh' ann agus Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte ag ràdh gum bi an siostam ùr nas sìmplidh. Tha dragh air buidhnean sòisealta agus buidhnean carthannais gum bi an fheadhainn as fheumaiche a' fulang.

Neo-eisimeileachd

Thuirt Prìomh Mhinistear na h-Alba, Ailig Salmond, nach robh dùthaich a-riamh cho deiseil airson an neo-eisimeileachd 's a tha Alba. Bidh esan a' foillseachadh pàipear geal a-màireach le mìneachadh air a phlanaichean airson neo-eisimeileachd. Tha pàrtaidhean eile ag ràdh gum feum e an fhìrinn innse mun dùbhlan a tha ri tighinn.

Prògram niuclasach Ioran

Rinn an Ceann-suidhe Obama oidhirp air Israel a shàsachadh mun aonta eadar-nàiseanta air prògram niuclasach Ioran. Thuirt Prìomh Mhinistear Israel, Benjamin Netanyahu, gur e mearachd eachdraidheil a th' anns an aonta.

Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis

Tha e coltach a-nise gu bheil a h-uile duine air Comhairle nam Pàrant aig Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis a' fuireach anns an dreuchd. Bha cuid am beachd fàgail 's iad a' gearain mun dòigh san deach an Ceannard ùr fhastadh. Fuirichidh iad a-nise, ach tha iad ag iarraidh soillearachaidh bho Chomhairle na Gàidhealtachd air na h-uimhir a phuingean, nam measg comas a' cheannaird ùir anns a' Ghàidhlig, cleachdadh na cànain san sgoil agus an dòigh anns a' bheil a' Chomhairle a' fastadh dhaoine gu dreuchdan ann am foghlam Gàidhlig air feadh na sgìre.