Creideas Coitcheann ann an Inbhir Nis

Sochairean
Image caption 'S e an crathadh as motha air siostam nan sochairean ann an 70 bliadhna.

Tòisichidh siostam a' chreideis choitchinn ann an Inbhir Nis Diluain.

'S e seo a' chiad turas a thèid an sgeama fheuchainn an Alba.

Le bhith a' toirt aon shuim airgid seach sia do dhaoine turas sa mhìos, tha ceist ann an obraich e.

'S e seo an crathadh as motha ann an siostam nan sochairean soisealta ann an 70 bliadhna.

An drasda tha daoine a' faighinn shochairean a h-uile cola-deug.

Tha Riaghaltas Bhreatainn airson 's gum bi daoine a' làimhseachadh an airgid aca fhèin.

Tha iad airson 's gum bi daoine nas fheàrr dheth le bhith ag obair na bhitheadh iad air sochairean.

Ach tha dragh air buidhnean leithid Biùro Comhairleachaidh a' Phobaill gur iad an fheadhainn as miosa dheth as motha a dh'fhulaingeas.

Tha am Biùro den bheachd gum fàg an siostam ùr gum bi e doirbh don fheadhainn as miosa dheth am màl phàigheadh.