Scalpaigh leis na daoine

Air fhoillseachadh

Chaidh Eilean Scalpaigh a chur gu h-oifigeil feasgar fo sgèith Urras Cheann a Tuath na Hearadh.

Thuirt am fear leis a bheil an t-eilean, Fred Mac an Tàilleir, bho chionn greis gun toireadh e an t-eilean dha na daoine an-asgaidh.

Ann am bhòt chuir muinntir an eilein taic ri bhith ga chur fo sgèith an urrais.

Chaidh a thoirt seachad aig cuirm feasgar.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh