Trì leabharlainn am Moireibh gan glèidheadh

Published
image captionTha ceithir leabharlainn fhathast gus dùnadh.

Tha buidheann riaghlaidh Comhairle Mhoireibh air na planaichean aca 'son leabharlainn na sgìre atharrachadh.

Fuirichidh trì de na seachd a bha iad airson a dhùnadh fosgailte.

Bha co-bhanntachd Thòraidheach agus Neo-eisimeileach Comhairle Mhoiribh ag iarraidh na seachd leabharlainn a dhùnadh 'son airgead a shàbhaladh.

Ach fuirichidh na leabharlainn sa Bhroch, ann am Baile MhicDhuibh agus an Cùillean fosgailte a-nis an dèidh do luchd-iomairt bagairt a dhol gu lagh mun chùis.

Bha an luchd-iomairt air togail air rabhaidhean a thàinig bho oifigearan comhairle gum faodadh a bhith a' dùnadh na trì sin droch bhuaidh a thoirt air buidhnean so-leònta, leithid seann daoine agus daoine ciorramach.

Tha a' Chomhairle ag ràdh gun robh e ceart dhaibh co-dhùnadh na seachd a dhùnadh, ach nach b'urrainn dhaibh a dhol an sàs ann an cùis lagha fhada.

Ged a chaidh trì leabharlainn a shàbhaladh, tha an t-ùghdarras ionadail fhathast an dùil na leabharlainn ann an Findochty, Hudaman, Port Chnocaidh agus Rathais a dhùnadh.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh