Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

19 An t-Samhain 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Cìsean na h-Alba

Tha Prìomh Mhinistear na h-Alba, Ailig Salmond, a' foillseachadh pàipeir an-diugh air siostam chìsean a bheireadh brosnachadh air gnìomhachas agus an eaconamaidh ann an Alba neo-eisimeilich. Tha Mgr Salmond, agus Rùnaire an Ionmhais Iain Swinney, ag ràdh gu bheil na tha iad a' moladh a' fosgladh chothroman ùra do dh'Alba. Tha seo an dèidh aithisg an-dè bho Institiùd Sgrùdaidh an Ionmhais, a chuir teagamh ann an comasan ionmhais Alba neo-eisimeilich.

An Co-op

Dh'innis Buidheann a' Cho-op gu bheil an cathraiche Len Wardle air a dhreuchd fhàgail an dèidh na connspaid mu Paul Flowers, a bha na cheannard air Banca a' Cho-op. Bha Mgr Flowers na cheannard air a' bhanca goirid mus do theab e a dhol fodha. Chaidh cur às a leth-san gun deach film a chlàradh dheth a' feuchainn ri drogaichean mì-laghail a cheannach ann an Leeds.

Lebanon

Tha aithrisean ann gun deach 17 duine air a' char as lugha a mharbhadh ann an dà spreadh mòr fasig air Ambasaid Iran ann am Beirut. Chaidh mòran eile a ghoirteachadh.

Flybe

Bidh Comhairle nan Eilean Siar a' cur litir gu Flybe agus dragh orra gun tèid seirbheisean dhan sgìre a ghearradh. Dh'innis a' chompanaidh an t-seachdain seo chaidh gun dùin sia de na h-ionadan aca aig puirt-adhair air feadh na dùthcha, agus Inbhir Nis nam measg. Tha a' Chomhairle ag iarraidh gealltanais nach toir sin buaidh air seirbheisean dha na h-Eileanan.

Tiriodh

Tha dùil gun tòisich sgrùdadh anns a' Bhliadhna Ùir air plana airson Tiriodh a cheannadh do mhuinntir an eilein. Chan eil an t-eilean air a' mhargaidh, ach tha Urras Leasachaidh Thiriodh ag iarraidh an sgrùdaidh an dèidh dha tighinn am folllais gu bheil a' mhòr-chuid den t-sluagh den bheachd gum bu chòir sealbh a bhith aig a' choimhearsnachd air an fhearann a bhuineas do Dhiùc Earra-Ghàidheal.

Mèin Ghuail

Thèid beachdachadh an-diugh air cead do phlana airson mèin ghuail mhòir air uachdar na talmhainn ann am meadhan labhdainn. Tha oifigich dealbhachaidh na Comhairle ag iarraidh air comhairlichean cead a toirt dhan leasachadh, ach tha luchd-iomairt ag iarraidh orra a dhiùltadh.