Cidhe Stafainn
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

50 cosnadh do Stafainn?

14 An t-Samhain 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Dh'fhaodadh gun tèid suas ri 50 cosnadh a chruthachadh ann an ceann a tuath an Eilein Sgitheanaich, agus plana ga fhoillseachadh airson ionad-giollachd èisg a thogail ann an Stafainn.

Tha companaidh ùr, Skye Sea Harvest Eta, air a bhith a' còmhradh ri urras leasachaidh na sgìre mu na th' anns an amharc aca, agus a-niste thèid beachd mhuinntir an àite a shireadh air na planaichean.

Tha an aithris seo aig Eilidh NicLeòid.