Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

13 An t-Samhain 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Cion-cosnaidh

Chaidh an àireamh de dhaoine gun chosnadh ann an Alba suas beagan eadar an t-Iiuchar agus an t-Sultain, ged a thuit i anns an Rìoghachd Aonaichte san fharsainneachd. Ann an Alba tha mu 1,000 duine a bharrachd gun chosnadh, a' fàgail ìre chion-chosnaidh na dùthcha aig 7.2%, an taca ri 7.6% san Rìoghachd Aonaichte. Tha àireamhan ùra bho Oifis nan Staitistig Nàiseanta ag ràdh gu bheil an àireamh dhaoine ann an obair ann an Alba suas cuideachd, 16,000 neach.

Eaconamaidh Bhreatainn

Thuirt Banca Shasainn gu bheil iad nas dòchasaiche mu ìre fàis na dùthcha 'son na bliadhna seo agus an ath-bhliadhna. Thuirt iad gu bheil iad an dùil gum fàs eaconamaidh Bhreatainn 1.6% am bliadhna, agus gun deadh fàs de 2.8% air eaconamaidh na dùthcha air an ath-bhliadhna. Thuirt riaghladair a' bhanca, Mark Carney, gu bheil e follaiseach a-nis gu bheil piseach a' tighinn air eaconamaidh Bhreatainn.

Co-operative Energy

Dh'innis a' chompanaidh Co-operative Energy gu bheil iad a' lùghdachadh an àrdachaidh aca a chaidh fhoillseachadh nas tràithe air a' mhìos, cho fad 's gun atharraich an Riaghaltas am poileasaidh aca air cìsean uaine anns an dreach-bhuidseat aca san Dùbhlachd. Thuirt iad roimhe gum biodh prìsean a' dol suas 4.5%, ach tha dùil a-nise nach tèid iad suas ach 2.5% ma thig atharrachadh air a' phoileasaidh. Thàinig seo agus a' chompanaidh chumhachd SSE ag innse gun do thuit na prothaidean acasan 12% anns a' chiad leth den bhliadhna gu £354m. Thuirt a' chompanaidh gun do chaill meur na buidhne a bhios a' reic chumhachd £90m. Gheall fear de dh'àrd-stiùirichean na buidhne gun tèid na prìsean a ghearradh ma thèid cìsean uaine a thoirt bhuapa.

Stafainn

Dh'fhaodadh gun tèid suas ri 50 cosnadh a chruthachadh ma thèid plana gus ionad-giollachd èisg agus maoraich a stèidheachadh ann an Stafainn air adhart. Tha Skye Sea Harvest Eta air a bhith a' bruidhinn ri urras leasachaidh na sgìre, 's thèid beachd an t-sluaigh a shireadh mu an cuid mholaidhean.

Na h-Eileanan Filipìneach

Chaidh ochdnar a phronnadh gu bàs anns na h-Eileanan Filipìneach an dèidh mar a thuit balla orra 's iad a' coimhead airson biadh ann an ionad-bathair an Riaghaltais. Tha an Riaghaltas air innse gu bheil dearbhadh aca a-nis gun do bhàsaich 2,200 neach an dèidh na tubaiste, agus tha dùil gum bi an tuilleadh a' dol ris an àireimh a tha sin. An seo ann an Alba tha mòran de chriuthaichean Filipìneach a tha ag obair air bàtaichean ann an uisgeachan na h-Alba air a bhith a' dèanamh air buidhnean carthannais 's iad a' feuchainn ri fiosrachadh fhaighinn mu an teaghlaichean aig an taigh. Chuir a' bhuidheann Mission For Seafarers maoin-taice air dòigh airson taic a thoirt dhaibh.