Iarrtas 'son smachd air na fèidh ruadha

Fèidh ruadha
Image caption Tha dùil gu bheil timcheall air 400,000 fiadh ruadh ann an Alba a-niste.

Cluinnidh Buill na Pàrlamaid Albannaich iarrtas airson dòighean smachdachaidh nas treasa a chur an gnìomh air fèidh ruadha ann an Alba Diciadain.

Tha comataidh nan cùisean dùthchail gu bhith a' gabhail fianais bho buidheanan-glèidhteachais, mhanaidseirean fearainn agus luchd-seilge a thaobh mar a tha àireamh nam fiadh ruadha air èirigh gu mòr anns na bliadhnaichean mu dheireadh, 's a' chomataidh a' beachdachadh air na bu chòir a dhèanamh mu dheidhinn.

Tha mòran de luchd-glèidhteachais a' meas a' chron a tha fèidh ruadha na h-Alba a' dèanamh air an àrainneachd mar thè de na trioblaidean as motha a tha mu choinneimh na h-àrainneachd an-dràsta.

Tha a' bhuidheann Scottish Environment Link a' cumail a-mach gu bheil àireamh nam fiadh ruadha air èirigh bho 150,000 ann an 1960, gu timcheall air 400,000 a-niste.

Tha a' bhuidheann ag ràdh gum feumar ceumannan a ghabhail ri linn leis gu bheil an àireamh mhòr sin a' toirt droch bhuaidh air bith-iomadachd agus air coilltean.

Tha buidhnean dìon na h-àrainneachd a' cumail a-mach nach eil an siostam saor-thoileach a th' ann an-dràsta airson smachd a chumail air na h-àireamhan ag obrachadh mar a bu chòir.

Ach tha manaidsearan fearainn, agus comann de bhuidheann mhanaidsearan nam fiadh ag ràdh nach biodh riaghailtean no laghan ùra nas èifeachdaiche na an siostam a th' ann, agus gun cuireadh an leithid ris an obair-rianachd agus a' chosgais a tha mar thà orra airson smachd a chumail air na beathaichean.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile